Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Cliar > Gun Tàmh > Am Buachaille Bàn
|
Am Buachaille Bàn |
| Credits : | Traditional; arranged by Cliar |
| Appears On : | Gun Tàmh ; Gaelic Scotland 2 (compilation) |
| Language : | Gàidhlig (Scottish Gaelic) |
| Other Versions : |
"
Am Buachaille Ban
" on Back Of The Moon's album Back Of The Moon
" Am Buachaille Ban " on Capercaillie's album Crosswinds " Ochòin A Righ Gura Tinn Mo Galar An Gràdh " on Fiona Mackenzie's album Seinn! O Ho Ro Seinn! " Air Fail A Lail O " on Mouth Music's album Mouth Music " Ochoin A Righ, Gur Tinn An Galair An Gradh " on Margaret Stewart & Allan MacDonald's album Fhuair Mi Pog |
| Lyrics : | English Translation : |
| Ochòin a rìgh | Ochone oh God |
| Gura tinn an galair an gradh | How sore is the sickness of love |
| Chan eil neach air am bi | There is no one who suffers |
| Nach saoil gura bliadhna gach lath' | That does not think a day lasts a year |
| Gun bhrist e mo chridh' | It has broken my heart |
| 'S gun sgaoil e cuislean mo shlàint' | And ruined my health |
| Bhith cumha na dhèidh | Lamenting him, after leaving |
| On thrèig mi fear an fhuilt bhàin | The fair young man |
| Sèist : | Chorus (after each verse) : |
| Air fàlarainn ò, hug ò air fàlarainn ì | Air fàlarainn ò, hug ò air fàlarainn ì |
| Air fàlarainn ò, hug ò air fàlarainn ì | Air fàlarainn ò, hug ò air fàlarainn ì |
| Fail-ì, fail-ò, thug ò air fàlarainn ì | Fail-ì, fail-ò, thug ò air fàlarainn ì |
| Ochòin, a ghaoil, gum b' aotrom aighearach sinn | Ochone, my love, we were happy and carefree |
| Nuair thèid thu thar sail, a ghràidh | When you sail abroad, my love |
| Biodh glainne nad dhòrn | Have a glass to hand |
| 'S bi 'g òl mo dheoch-slàint 's gach àit' | And drink my good health in each place |
| An suidh thu aig bòrd | Where you are at table |
| Do chridhe geal, èibhinn | Your heart is fair, happy |
| Eutrom, aighearach, òg | Lightsome, cheery and young |
| 'S bu bhinne do bheul | And your mouth is sweeter |
| Na'n teud on tigeadh an ceòl | Than musical strings |
| Nach robh mi 's mo ghràdh | Oh that I and my love |
| Air àirigh monaidh na'n sliabh | Were on a high shieling or on the slopes |
| Na air an tràigh bhàin | Or on the white beach |
| No'n àit' nach robh duine riamh | In a deserted place unvisited by man |
| Seachd oidhche, seachd lath' | Seven nights, seven days |
| Gun tàmh, gun chadal, gun bhiadh | Without rest, without sleep, without food |
| Ach thusa bhith, 'ghràidh | Just you, my love |
| 'S do làmh an tarruing mam bhian | Holding me tight |
| Do chùl buidhe, dualach | It was your fair |
| Cuachach, camagach, tlàth | Curly, beautiful hair |
| Dh' fhàg mise fo ghruaim | That left me miserable |
| Gu buan, gu latha mo bhàis | Forever to the day of my death |
| 'S nan tigeadh tu nuas | And if you were to visit |
| Air chuairt dhan bhaile-sa thàmh | And stay in this town |
| Ged chaochail mo shnuadh | Although the bloom has faded from my complexion |
| Bu dual dhomh rithist bhith slàn | I would be whole once more |
| Gum b' aotrom aighearach sinn... | We were happy and carefree... |